B' e neach-poileataigs à Siorrachd Lannraig a bha ann an Keir Hardie.
Rugadh e ann am Baile a' Chuilinn faisg air Tobar na Màthar[1] 15 an Lùnastal 1856.
Thòisich e ag obair nuair cha robh e ach 8 bliadhna a dh'aois is bha e na mhèinnear nuair a bha e 11. Dh'inntrig e poileataigs nuair a stiùir e stailc nam mèinnear ann an Siorrachd Lannraig ann an 1881. Bhuannaich e taghadh mar thagraiche Làbarach Neo-eisimeileach airson Ham an Iar a Deas ann an Lunnainn ann an 1892 ach chaill e a sheat ann an 1895. Ath-inntrig e Pàrlamaid ann an 1900 airson Merthyr Tydfil anns a' Chuimrigh ann an 1900 is chaidh e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach nuair a chaidh a chruthachadh ann an 1906. Lean Arthur Henderson e mar cheannard ann an 1908 ach mhair e mar bhall Pàrlamaid, agus dh'iomairt e airson còraichean-bhòtaidh airson ban.[2]
B' e sìochantair a bh' ann agus rinn e iomairt an aghaidh Cogadh nam Boer agus a' Chogaidh Mhòir. Cha robh seo measail ann an 1914. Chaochail e 26 an t-Samhain 1915 ann am bochdainn agus phàigh am pàrtaidh airson an tìodhlacaidh.[3]
© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search